‘S e sgeul luath-ghluasadach a th’ anns a’ cheud fhiolm ghoirid Ghàidhlig a chaidh a deanamh ann an Aimeirige a Tuath!

‘S e seanchaidh gun luchd-éisdeachd a th’ ann an Calum Mac Leòid, o ‘n a dh’ fhàg a chuid chloinne Ceap Breatainn bho chionn fhada. Air oidhche chianail, seasaidh Calum mu choinneamh Baran na Gaoithe gus àithn’ a chuir air, a chuid chloinne bhi ‘gan tilleadh thuige. Tuitidh am bodach marbh ‘s a’ mhionaid. Bho àiteachan céin thig na Leòdach gus faire an athrach a fhritheil. Ach tha rudeigin fo shùil Chaluim fhathast…

Air a togail anns na garbh-chrìochan miorbhuileach Cheap Breatainn, le Aonghas MacLeòid mar Chalum, agus ceòl le ban-sheinneadair a tha clùiteach gu h-eadar-naiseanta, Màiri Sìne Nic Laomainn, tha “Faire Chaluim Mhic Leòid” ‘na feuchainn eachdraidheal ann an sgeulachd an seann nòs nan Gàidheil, fear dhe na traidiseanan a’s ainmeil ‘san t-saoghal.